About this Event
Thigibh a chèilidh oirnn aig Caisteal Dhùn Èideann, is rùraichibh eachdraidh na Gàidhlig aig an làrach cumhachdach seo air Creag a’ Chaisteil. Cluinnidh sibh sgeulachdan nan luchd-labhairt Gàidhlig a bha a’ fuireach am broinn a bhallachan thar na linntean, bho rìghrean gu saighdearan, is fiù ’s prìosanaich.
Air a chur air dòigh le Caitlin Andrew aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba, bidh an tachartas seo a’ gabhail a-steach cuairt stiùirichte air a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig, agus Cupa is Cabadaich (cearcall còmhraidh) le cofaidh is cèic an dèidh sin air an làrach fhèin.
Tha an tachartas seo tro mheadhan na Gàidhlig, agus 's ann do dh'fhileantaich is do luchd-ionnsachaidh adhartach a tha e. Is e cothrom a bhios ann ur cuid Gàidhlig a chleachdadh gu mì-fhoirmeil le daoine ùra.
Event venue & nearby stays
Edinburgh Castle, Castlehill, Edinburgh, United Kingdom