About this Event
Bidh Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra fosgailte gu tagraidhean airson 2027 a dh’aithghearr. Ma tha ùidh agad ann an cothrom do sgilean sgrìobhaidh a leasachadh tron phrògram chliùiteach seo, bidh fàilte romhad aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Glaschu, Diciadain 20 Cèitean 2026.
Bidh luchd-obrach bho Chomhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba ann airson ceistean a fhreagairt, còmhla ri aoighean bho Alba Chruthachail agus an taigh-foillseachaidh CLÀR, agus dithis sgrìobhadair a fhuair Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra sna bliadhnaichean a dh’fhalbh.
Mas e sgrìobhadair Gàidhlig a th’ annad aig nach eil leabhar fhathast ann an clò, agus ùidh agad sa chothrom seo, tha sinn an dòchas gun tig thu dhan latha shònraichte seo. Ma tha ceistean sam bith agad ro làimh, cuir fios gu Coinneach Moireasdan ([email protected]).
Event Venue & Nearby Stays
The National Piping Centre, 30-34 McPhater Street, Glasgow, United Kingdom
GBP 0.00












