Advertisement
Thig còmhla ri Acair aig Blas is sinn a’ comharrachadh beatha Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, à Leòdhas a chaochail ann an 1982. Bidh an tachartas seo stèidhichte air Doras gun Chlàimhean, a’ chiad cho-chruinneachadh dà-chànanach de dhàin is òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain, a chaidh a dheasachadh le Catriona Mhoireach. Cluinnear mu Mhurchadh fhèin, mu na dàin aige agus bidh Ceitlin Lilidh a’ seinn cuid de na h-òrain aige. Bidh cothrom ann cuideachd an leabhar iongantach seo a cheannach.Tha Doras gun Chlàimhean gu làidir a’ daingneachadh cliù Mhurchaidh MhicPhàrlain mar bhàrd, mar sheanchaidh agus mar fhear-coiteachaidh na Gàidhlig san fhicheadamh linn.
San dàrna leth den chuirm seo, cluinnear òrain Ghàidhlig bho shianar seinneadairean òga a tha an sas ann am pròiseact Fuaran, air a ruith le Fèisean nan Gàidheal. Tha Anna NicGriogair, Eilidh Chandler, Iona NicDhaibhidh, Flòraidh Stevenson, Laura NicLeòid agus Lily Robasdan a-measg ochdnar neach òga a tha mar phàirt den t-sreath seo de Fuaran 's air an fheasgar seo cluinnear airson a' chiad uair cuid de na h-òrain a rannsaich agus a chruinnich iad mar phàirt den phròiseact luachmhor is cudromach seo.
Thèid an tachartas a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig ach bidh eadar-theangachadh mar aon ri fhaotainn.
Join Acair at the Blas Festival as we celebrate the life and work of Murdo MacFarlane, the Melbost Bàrd. This event will be based on Doras gun Chlàimhean, the first bilingual anthology of MacFarlane’s poems and songs available in one volume. You will hear of MacFarlane’s life and work, and Ceitlin Lilidh will sing some of his compositions. There will also be an opportunity to buy this remarkable book.
Doras gun Chlàimhean cements MacFarlane’s standing as a celebrated Gaelic tradition bearer and language activist of the twentieth century and is a unique and valuable contribution to Gaelic literature.
In the second half of this event, we will hear from 6 of the young gaelic singers who are currently participating in Fèisean nan Gàidheal's Fuaran project. Anna MacGregor, Eilidh Chandler, Iona Davidson, Flòraidh Stevenson, Laura Macleod agus Lily Robertson will share some of the songs they have researched and collected as part of this special project.
The event will be delivered in Gaelic with simultaneous translation available.
Advertisement
Event Venue & Nearby Stays
Eden Court Theatre, Inverness, United Kingdom
Tickets