
About this Event
An robh fios agadsa gu bheil biadh a’ fàs dìreach taobh a-muigh do ghàrradh chùil?
Tiugainn còmhla rinn air dà bhùth-obrach le Little Foragers’ Kitchen is neach-ealain Choirstaidh NicArtair (@choirstaidhiona.jpeg) ann am Pàirc Springburn san t-Sultain!
Anns a’ chiad bùth-obrach, ionnsaichidh sinn mu na lusan a tha a’ fàs timcheall air Glaschu san t-Sultain a tha sàbhailte ri ithe, is mar a bha daoine san àm a dh'fhalbh gan cleachdadh mar leigheasan agus biadh. Às dèidh an seisean seo, bidh cruinneachadh sòisealta ann do chlann is inbhich bho 4f air adhart, agus cothrom na lusan is leigheasan a chruthaich sinn a bhlasadh.
’S ann mu dheidhinn an àrainneachd a bhios an dàrna bhùth-obrach - na lusan a tha mun cuairt oirnn is ciamar a fàsas iad còmhla. Bidh sinn cuideachd a’ cruinneachadh stuth-ealain bhon àrainneachd airson pìosan ealain a chuthachadh san àm ri teachd, a thèid an taisbeanadh san t-Samhain.
‘S ann do dh’òigridh bho aois 7 gu 10 bliadhna agus na h-inbhich aca a tha na bùthan-obrach. Bruidhnidh sinn Gàidhlig agus Beurla anns na seiseanan, mar sin bidh fàilte air daoine le diofar ìrean de Ghàidhlig.
Bidh na bùthan-obrach agus an stuth-ealain saor ’s an-asgaidh. Chan fheum sibh càil ach sibh fhèin.
Fiosrachadh Feumail:
Cuin? - 13mh agus 27mh den t-Sultain 2025, bho 2-4f
Càite? - Pàirc Springburn, G21 3UQ
Cò? - Clann aig aoisean 7-10 agus na h-inbhich aca. Chan eil cead air clann tighinn gun inbheach.
Gus clàradh, nach cuir sibh fios thugainn aig [email protected]. Innis dhuinn d’ ainm, cia mheud a bhios agaibh, an seisean no na seiseanan ann a bhiodh ùidh agaibh, agus fios cudromach sam bith eile, mar feumalachdan so-ruigsinneachd no fuathan-bìdh.
Did you know that there is food growing right outside your back green?
Come away down to Springburn Park this September with Little Foragers’ Kitchen and artist Choirstaidh NicArtair (@choirstaidhiona.jpeg) for a duo of foraging workshops!
In workshop one, we’ll learn about the wild edible plants that grow around Glasgow at this time of year, and how people in years gone by used them for food and medicine. This session will be followed by an informal social mixer on site for children and their grown ups from 4pm onwards, and a chance to taste their day’s discoveries!
The second workshop will centre the local environment - the plants growing around us and how they grow together. We’ll also be collecting materials from the environment to use in later workshops with Choirstaidh, to create artworks for an exhibition taking place this October.
These workshops are suitable for children aged between 7 and 10 and their grownups. We’ll be using Gaelic and English in the sessions, so those with all levels of Gaelic proficiency are welcome.
The workshops are free, and all materials will be provided. All you need to bring is yourselves!
The Important Info:
When? - The 13th and 27th of September 2025, from 2-4pm.
Where? - Springburn Park, G21 3UQ
Who? - Children aged 7-10 and an accompanying adult. Children are not permitted to attend without an adult.
To register, drop us a wee email at [email protected]. Tell us your name, how many will be attending from your party, which session or sessions you would like to attend, and any other important info we might need, like accessibility needs or food allergies.


Event Venue & Nearby Stays
Springburn Park, Springburn Park, Glasgow, United Kingdom
CAD 0.00